Letra de
Tha Mi Sgith Buain Na Rainich I'm So Tired Cutting Bracken

Tha mi sgìth 's mi leam fhìn,
Buain na rainich, buain na rainich,
Tha mi sgìth 's mi leam fhìn,
Buain na rainich daonnan
verse 1
'S tric a bha mi fhìn 's mo leannan,
Anns a' ghleannan cheòthar,
'G èisteachd còisir bhinn an doire,
Seinn sa choille dhòmhail
Tha mi sgìth 's mi leam fhìn,
Buain na rainich, buain na rainich,
Tha mi sgìth 's mi leam fhìn,
Buain na rainich daonnan
verse 2
O nam faicinn thu a' tighinn,
Ruithinn dhol nad chòdhail,
Ach mur tig thu 'n seo gam shireadh,
Ciamar thilleas dòchas?
Tha mi sgìth 's mi leam fhìn,
Buain na rainich, buain na rainich,
Tha mi sgìth 's mi leam fhìn,
Buain na rainich daonnan
verse 3
Cùl an tomain, bràigh an tomain,
Cùl an tomain bhòidheach,
Cùl an tomain, bràigh an tomain,
H-uile là nam ònar
Tha mi sgìth 's mi leam fhìn,
Buain na rainich, buain na rainich,
Tha mi sgìth 's mi leam fhìn,
Buain na rainich daonnan
verse 4
Anns an t-sìthean, o, gur sgìth mi,
'S tric mo chridhe ga leònadh,
Nuair bhios càch a' seinn nan luinneag,
Cha dèan mis' ach crònan
Tha mi sgìth 's mi leam fhìn,
Buain na rainich, buain na rainich,
Tha mi sgìth 's mi leam fhìn,
Buain na rainich daonnan