Lyrics of
Canan Nan Gaidheal

Cha b' e sneachda 'san reòthadh bho thuath
Cha b'e crannadh geur fuar bho'n ear
Cha b'e uisge 'san gailleon bho'n iar
Ach an galair a blen bho'n deas
Blàth, duilleach stoc agus freumh
Cànan mo threubh 's mo shluaidh.
Thig thugainn, thig co-rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann cànan nam Féinn
Thig thugainn, thig co-rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann cànan nan Gàidheal
S iomadh gille thug greis air a' chuibhl'
S an dubh-oidhche thog fonn Gàidhlig a' chridh
S iomadh gaisgeach a' bhrosnaich 'sa bhlàir
Gu euchd nuair bu teòtha bha'n strì
O Ghàidheil! O caite n deach d'uaill
Nad Chìne 's nad chànan 's do thir?
Chorus